Eòlas-nàdair
As a'Wikipedia
'S e Nàdar-fheallsanachd an saidheans nàdarrach a tha a' ceasnachadh riaghailtean bunaiteach an nàdair. Tha e a' rannsachadh co-phàirtean bunaiteach an nàdair agus nan eadar-obraichean orra. Tha e a' deiligeadh ris na feartan agus ri giùlan stutha is lùiths ann am fànas is ann an tìde. Tha e a' deiligeadh ri daineamaig fànais is tìde cuideachd. Bheirear iomradh air nàdar-fheallsanachd gu tric mar saidheans an nàdair neo-bheathail, an coimeas ri bith-eòlas, saidheans an nàdair bheathail.