Karl Marx
As a'Wikipedia
Karl Heinrich Marx (5 an Cèitean, 1818 – 14mh den Mhairt 1883)
Feallsannaiche poileatagach às a' Ghearmailt. Bhitheadh e a sgrìobhadh mu airgeid agus cùmhachd. Cuide ri Friedrich Engels, stèidhich e am feallsanachd phoilitigeach ris a chanar comannachd anns an duilleachan no pamflaid Gairm-fhollaiseach a' Phartaidh Chomannaich a thainig a-mach ann an 1848. An dèidh seo 'se 'Marcsachd' a dh'èighear air na smuaintean aige.
Tha moran den bheachd gur e an leabhar is cudthromach aige 'Das Kapital' a sgrìobh e tarsainn air trì deichead agus far an do bhris e sios, bheachdaich e agus gu ìre dh'ainmich e an seorsa eaconamas ris an canar Kapitalismus (calpachas no Capitalism sa Bheurla) san latha an diugh. Bha e a-dol an aghaidh beachdan eaconamas libearalach agus lean moran deasbad eadar an fheadhainn a tha ag aontachadh leis agus an fheadhainn nach eil.
Dh'ùghdar e gu leor leabhraichean eile mu iomdach cuspair cuideachd.
Ged a chaidh a bhreith anns a' Ghearmailt bha aige ri gluasad dachaigh glè thric oir nach bu chaomh le toir dhaoine na beachdan aige agus mu dhèireadh rinn e a dhachaigh ann an Lunnain agus dh'fhuirich e an sin gu na bhasaich e ann an 1883.
[deasaich] Aistean co-cheangailte
- Somhairle MacGill-Eain
- Lenin
- Trotsky
- Mao
- comannachas
- Marcsachd
- 1871 Commune
- Rosa Luxembourg
- Partaidh Soisealach na h-Alba