Ì Chaluim Chille
As a'Wikipedia
'S e Ì, neo Idhe, fear den Innse Gall.
Anns a' bhliadhna 563 thàinig bàta gu tìr an Eilean Idhe. Am Broinn an currach bha imrich à Eirinn - manaich a bh'annta agus nam measg bha duine a bhiodh cho cudthromoch ann an eachdraidh na Breatainne ri neach sam bith a bha bèo 'sna meadhan aoisean.
'Se an t-eaglais a thoisich Calum Cille, ris an canar a chuid mhòr do luchd-eachdraidheal an t-eaglais Ceilteach ,a dh'iompaich taobh a'tuath Breatainn gu crèideamh Chrìosd.
Am miosg na manachainnean mòra ainmeil a bha stèidhichte fon eaglais Calum Cille bha leithid Lindisfarne an tuath Sasainn agus Dharù is Dhoire ann an Eirinn. 'Se I fhèin am prìomh eaglais aig na Cruithnich.
Bha ceanglaichean mòr eadar na mannaich ann an I agus an teaghlach cùmhachdach o' Eirinn, Clann Ui Nèill.
Chan ann a bhàinn ri na dùthchannan Ceilteach a' bha cùmhachd Eaglais Calum Cille ach cuideachd ri gall mar na Lochlannaich (an deidh dhaibh gabhal ri Crìosd) agus na Sassannaich. Tha rìghrean bhon Nirribhidh agus Sasainn air an tioghlaigeadh air an t-eilean cuda ri iomadach rìgh bho Dàl Riada, Eirinn, Alba agus eile.
[deasaich] Ainm an eilein
Tha Iona, ainm Beurla an eilein, a' tighinn bho leughadh ceàrr air "Ioua", a tha a' ciallachadh, 's dòcha, "eilean nan craobh iubhair". Bhon a tha ainm an eilein sa Ghàidhlig, "Ì", cho goirid, théid a shìneadh mar as trice gu "Ì Chaluim Chille" no gu "Eilean Idhe" ('s e tuiseal ginideach a tha ann an "Idhe"). Canar "Idheach" ri cuideigin à bhuinneas don eilean, agus canar cuideachd "Ì nam ban bòidheach" ris an eilean. (Fiosrachadh bho Iain Mac an Tàilleir)
[deasaich] Aistean co-cheangailte
- Alba
- Dàl Riada
- Pictavia
- Calum Cille
- An eaglais Cheilteach
- An Crèideamh Crìosdaidh
- Manaich
- Sgrios nan Lochlannaich
- Manaichean Ainmeil