Web - Amazon

We provide Linux to the World


We support WINRAR [What is this] - [Download .exe file(s) for Windows]

CLASSICISTRANIERI HOME PAGE - YOUTUBE CHANNEL
SITEMAP
Audiobooks by Valerio Di Stefano: Single Download - Complete Download [TAR] [WIM] [ZIP] [RAR] - Alphabetical Download  [TAR] [WIM] [ZIP] [RAR] - Download Instructions

Make a donation: IBAN: IT36M0708677020000000008016 - BIC/SWIFT:  ICRAITRRU60 - VALERIO DI STEFANO or
Privacy Policy Cookie Policy Terms and Conditions
Prionnsa Teàrlach Stiùbhart - Wikipedia

Prionnsa Teàrlach Stiùbhart

As a'Wikipedia

Meudaich

Tha an aithris seo air a h-ath-sgrìobhadh bhon aithris a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.

Air an latha mu dheireadh dhen bhliadhna 1720, rugadh leanabh rìoghail anns an Ròimh. B' e balach beag a bha seo agus b' e esan Teàrlach Eideard Stiùbhart, oighre dligheach Crùn Bhreatainn. Bha mòran dhaoine toilichte le naidheachd a bhreith oir bha seo a' toirt dòchas ùr do na Seumasaich gum faigheadh iad an Crùn air ais a-rithist.


Chaidh am Prionnsa a thogail na fhògarrach fada bho Bhreatainn. Bha fhios aige bho bha e glè òg mu chòir a theaghlaich air Crùn Bhreatainn - dùthaich far nach fhaodadh e a dhol. Chuir e roimhe gum faigheadh e air ais e nuair a bhiodh an t-àm ceart.

Tha ceangal mòr eadar ainm Theàrlaich agus na Gaidheil. Bha earbsa aig Teàrlach annta agus dhearbh iad sin dha.

'S ann nuair a bha e còig bliadhn' air fhichead a dh'fheuch Teàrlach ri Crùn a shinnsirean fhaighinn air ais.

Dh'fhàg e an Fhraing mu mheadhan an t-samhraidh, 1745, agus cha b' fhada gus an robh e air tìr ann an Alba. Chruinnich na Gaidheil còmhla ris airson sabaid airson còir a theaghlaich.

Air an naoidheamh latha deug dhen Lùnastal, chaidh bratach rìoghail nan Stiùbhartach a thogail ri crann ann an Gleann Fhionghain.

Ghluais iad chun an ear gun dàil agus ràinig iad Coire Ghearraig ach cha robh sgeul air na Sasannaich. Ràinig iad Peairt agus an sin chaidh am Prionnsa a ghairm na Rìgh an àite athar, Rìgh Seumas VIII.

Ràinig iad Dùn Eideann agus bha am baile sin aca gun strì sam bith agus bha na daoine toilichte fàilte a chur air Teàrlach

Mu dheireadh, choinnich na Seumasaich ri na Sasannaich. Air madainn foghair air Sliabh a' Chlamhain, chaidh an t-arm dearg, le Iain Cope air an ceann, a ruagadh.

Bha Alba a-nis fo bhratach a' Phrionnsa agus cho luath agus a bha a h-uile càil an òrdugh, thionndaidh e aghaidh air Sasainn. Chaidh iad a-null air a' chrìoch agus ràinig iad Carlisle. An dèidh sin chùm iad orra gu Darbaidh agus cha do dh'èirich na Sasannaich nan aghaidh mar a bha dùil.

Cha bu mhotha a thàinig an cuideachadh a chaidh a ghealltainn dhaibh às an Fraing. Bha arm Theàrlaich a-nis mu 130 mìle à Lunnainn agus chuir seo eagal air Rìgh Seòras agus muinntir a' bhaile.

Ach bha Diùc Uilleam air ceithir feachdan dhen arm dhearg a chur ann an ceithir bailtean sònraichte airson na Seumasaich a chuartachadh. Thuig am Morair Seòras Moireach dè a bha nam beachd.

Ghairm e comhairle-chogaidh agus chomhairlich e dhan Phrionnsa tilleadh gu tuath sa bhad. B' fheudar dhan Phrionnsa sin a dhèanamh.

Lean na Sasannaich iad gu tuath gus mu dheireadh choinnich an dà arm aig Cùil Lodair. B' ann sa bhlàr fhuilteach sin a thàinig crìoch air cùis nan Stiùbhartach.

An dèidh a' bhlàir sin thòisich an sgrios. Bha airgead-cinn de £30,000 air Teàrlach ach cha bhrathadh na Gaidheil e. Air an fhicheadamh latha dhen t-Sultain, 1746, fhuair e air bòrd bàta Frangach agus cha do thill e air ais a dh'Alba tuilleadh.

Bha dùil aige tilleadh agus bha dòchas aig mòran de na Gaidheil gun tilleadh e ach chaidh na bliadhnaichean seachad agus cha do thachair càil.

Mu dheireadh chan fhaodadh Teàrlach fuireach anns an Fhraing fhèin. Chaill e a dhòchas, dh'fhàs e brònach agus dubhach; dh'atharraich a nàdar; cha robh mòran chàirdean aige air fhàgail; dh'fhàs e aost' agus nuair a bhàsaich e thàinig crìoch air an teaghlach rìoghail dom buineadh e. Chaill e a mhisneachd agus is beag an t-iongnadh.

Bhàsaich e anns an Ròimh, am baile san d' rugadh e air an latha mu dheireadh dhen gheamhradh 1788, gun chloinn a thogadh cùis a shinnsirean fhàgail na dhèidh. Ach dh'fhàg e ainm agus cliù nach tèid a dhìochuimhneachadh le Gaidheil airson iomadh linn.

Our "Network":

Project Gutenberg
https://gutenberg.classicistranieri.com

Encyclopaedia Britannica 1911
https://encyclopaediabritannica.classicistranieri.com

Librivox Audiobooks
https://librivox.classicistranieri.com

Linux Distributions
https://old.classicistranieri.com

Magnatune (MP3 Music)
https://magnatune.classicistranieri.com

Static Wikipedia (June 2008)
https://wikipedia.classicistranieri.com

Static Wikipedia (March 2008)
https://wikipedia2007.classicistranieri.com/mar2008/

Static Wikipedia (2007)
https://wikipedia2007.classicistranieri.com

Static Wikipedia (2006)
https://wikipedia2006.classicistranieri.com

Liber Liber
https://liberliber.classicistranieri.com

ZIM Files for Kiwix
https://zim.classicistranieri.com


Other Websites:

Bach - Goldberg Variations
https://www.goldbergvariations.org

Lazarillo de Tormes
https://www.lazarillodetormes.org

Madame Bovary
https://www.madamebovary.org

Il Fu Mattia Pascal
https://www.mattiapascal.it

The Voice in the Desert
https://www.thevoiceinthedesert.org

Confessione d'un amore fascista
https://www.amorefascista.it

Malinverno
https://www.malinverno.org

Debito formativo
https://www.debitoformativo.it

Adina Spire
https://www.adinaspire.com