Al-Ghazali
As a'Wikipedia
Bha al-Ghazali - ainm slàn : Abu Hamid Muhammad ibn Muhammad al-Ghazali no 'san sgrìobhadh Arabais: ابو حامد محمد بن محمد الغزالى - fòghlamaichte ann an iomadach eòlaidheachd ann an Islam agus bha è cuideachd a gabhal pairt an agus eòlach air cuir-seachadan nan Sufidhean. Chaidh a dheanamh na Mhaighstear de Cholaiste Nizamiyyah an Baghdad 'sa bhliadhna 1091. Mar ceann an coimhearsnachd Muslim bha è traing a teagaisg agus a toirt seachad òraidean air lagh an creideamh agus cuideachd ag argamaid an aghaidh mì-chreideamh agus ceistean bho'n h-uile pàirt den t-sluagh. An deidh ceithir bliadhna ge-ta dh'fhàs al-Ghazali diombach agus mì-chinnteach mu chreideamh agus mu dheireadh dh'fhàg e Baghdad is e a leigeal seachad a dhreuchd agus an t-saoghal. Chuir e seachad mu dà bhliadhna a cuairteachadh trobh Siria agus Iarusalem agus a crìochnachadh a thorramh gu Mecca thill e gu Tus agus chuir e a seachadh a thìde a sgrìobhadh, a gabhal pàirt ann an gnàthsan Sufi agus a teagaisg a luchd-leanmhainn gu na bhàs è.