Capall-coille
As a'Wikipedia
Tha an capall-coille (Tetrao urogallus) dhen aon mheud ri Cearc Frangach. Tha e ri lorg ann an coilltean giuthais. Tha an àireamh dhiubh air a dhol sìos thar nam bliadhnaichean, ach tha iomairt glèidhteachais a’ dol air adhart air a’ Ghàidhealtachd airson a leudachadh, agus tha seo a’ soirbheachadh. An diugh, tha mu 2,000 ann an Alba, agus tha an àireamh ag èirigh.