Charlemagne
As a'Wikipedia
Charlemagne b. 742 no 747 - 28mh Faoilleach, 814 - (No ' Tearlach Mòr ' 'sa Bheurla, Karl der Große 'sa Gearmailtis, Karel de Grote san Ollaind agus Carolus Magnus 'sa Laideann) Rìgh na seann Gearmailtich ris an canar na 'Fraincean' (no 'Franks' sa Bheurla) agus an duine a stèidhich Impireachd an Ròimh Naomh.
'Se am mac is sinne aig Rìgh Pippin Òg (cuideachd air ainmeachadh ' Pippin Ghoirid '). 'Nuair a bhàsaich Pippin chaidh an rìoghachd aige a phàirticheadh ann an dà leth eadar a mhic - Charlemagne agus a bhrathair Carloman. Bhàsaich Carloman air an coigeamh latha den Damhair 771, mar sin a fagail Charlemagne mar ceann an rioghachd Frainceach aonaichte. Bha Charlemagne a cogadh airson a chuid mhòr de rìoghachadh - leis an claidheamh ainmeil aige 'Joyeuse' na laimh. An dèidh tricheadh bliadhna de chogadh agus ochd-deug blàr cheannsaich e Sagsonaidh - amas a bh'aig Impire Augustus den Impireachd Romanach ach nach robh na chùmhachd a dheanamh. An dèidh dha smachd fhaighinn air talamh no sgire dh'iompaich e na daoine chun a chreideamh Crìosdaidh.