An t-Òban
As a'Wikipedia
Is e An t-Òban baile agus ceann-ùidhe turasachd coiteanta air an Iar-Ghaidhealtachd. 'S e An t-Òban am prìomh-bhaile airson Lathurnach, agus tha e suidhichte ann an taobh a tuath an Earra-ghaidheal.
'S e port cudromach a th'ann leis an dà chuid bàtaichean-iasg agus na h-aiseagan aig Caledonian Mac a'Bhruthainn a'siubhal ri na h-eileanan bhuaithe.
Canaidh muinntir an t-Oban gur e am prìomh-bhaile neo-oifigeil na h-iar-Ghaidhealtachd ach cha ghabhadh muinntir a'Ghearasdain ris an sin.
[deasaich] Cruinn-eòlas
Tha baile an Obain, se sin am bàgh (òb) bheag, air a shuidheachadh air bàigh aig ceann a deas An Linne Lathurna, mu choinneamh Cearrara agus ann an amharc an eilein mòir Muileich.