Lunnainn
As a'Wikipedia
Prìomh-bhaile an Rìoghachd Aonaichte agus Sasainn. The e suidhichte anns an ear-dheas de Shasainn air an Abhainn Thames agus tha daoine air a bhith fuireach ann airson coir air dà mhìle bliadhna le mu 7 millean 'sa bhaile fhein an diugh agus mu 6 millean eile mu chuairt air. 'Se Lunnainn aon de na bailtean is mòtha agus is ainmeil 'san t-saoghal. 'S e prìomh-bhaile ionmhasail na Roinne-Eòrpa (agus am baile as motha anns an AE ) a th'ann agus theid iomadach cànan,dualchas,dream agus buidheann crèideamh a lorg ann.
Tha iomadh taighean-tasgaidh ainmeil ann an Lunnainn: An Taigh-tasgaidh Breatunnach, Taigh-tasgaidh Eachdraidh Nàdurrach, Taigh-tasgaidh Victoria agus Albert, Taigh-tasgaidh Chogaidh an Iompaireachd agus barrachd.
[deasaich] Eachdraidh Ghoirid
Stèidhich na Romanaich baile den ainm Londinium air an t-Abhainn Thames mun 50 mh bliadhna. An dèidh do na Romanaich Breatainn fhàgail bha am baile falamh airson ùine. Mun 9mh Linn thoisich daoine a tilleadh agus dh'fhàs e gus an e am baile is motha ann an Sasainn ach cha robh e na phrìomh-baile ron an 12mh Linn.
[deasaich] Aistidhean co-cheangailte
- Prìomh-Bhailtean
- Pàrlamaid an Rìoghachd Aonaichte
- Sasainn
- Oilthigh Lunnainn
- an Rìoghachd Aonaichte
- Impireachd Breatainn