Privacy Policy Cookie Policy Terms and Conditions Teàrlach Eideard Stiùbhairt - Wikipedia

Teàrlach Eideard Stiùbhairt

As a'Wikipedia

Charles Edward Louis John Casimir Silvester Maria Stuart (31 an Dùbhlachd , 1720 – 31 am Faoilleach , 1788)

Bonnie Prince Charlie

Clàr-innse

[deasaich] Breith agus Òigridh

Air an latha mu dheireadh dhen bhliadhna 1720, rugadh leanabh rìoghail anns an Ròimh. B' e balach beag a bha seo agus b' e esan Teàrlach Eideard Stiùbhart, oighre dligheach Crùn Bhreatainn. Bha mòran dhaoine toilichte le naidheachd a bhreith oir bha seo a' toirt dòchas ùr do na Seumasaich gum faigheadh iad an Crùn air ais a-rithist.

Chaidh am Prionnsa a thogail na fhògarrach fada bho Bhreatainn. Bha fhios aige bho bha e glè òg mu chòir a theaghlaich air Crùn Bhreatainn - dùthaich far nach fhaodadh e a dhol. Chuir e roimhe gum faigheadh e air ais e nuair a bhiodh an t-àm ceart.

[deasaich] Tighean a' Phrionnsa

Tha ceangal mòr eadar ainm Theàrlaich agus na Gàidheil. Bha earbsa aig Teàrlach annta agus dhearbh iad sin dha.'S ann nuair a bha e còig bliadhn' air fhichead a dh'fheuch Teàrlach ri Crùn a shinnsirean fhaighinn air ais.Dh'fhàg e a'Fhraing mu mheadhan an t-samhraidh, 1745, agus cha b' fhada gus an robh e air tìr ann an Alba. Chruinnich na Gaidheil còmhla ris airson sabaid airson còir a theaghlaich.

Air an naoidheamh latha deug dhen Lùnastal, chaidh bratach rìoghail nan Stiùbhartach a thogail ri crann ann an Gleann Fhionghain.Ghluais iad chun an ear gun dàil agus ràinig iad Coire Ghearraig ach cha robh sgeul air na Hanobharianaich. Ràinig iad Peairt agus an sin chaidh am Prionnsa a ghairm na Rìgh an àite athair, Rìgh Seumas VIII.

Ràinig iad Dùn Eideann agus bha am baile sin aca gun strì sam bith agus bha na daoine toilichte fàilte a chur air TeàrlachMu dheireadh, choinnich na Seumasaich ri na Hanobharianaich. Air madainn foghair air Sliabh a' Chlamhain, chaidh an t-arm dearg, le Iain Cope air an ceann, a ruagadh.

Bha Alba a-nis fo bhratach a' Phrionnsa agus cho luath agus a bha a h-uile càil an òrdugh, thionndaidh e aghaidh air Sasainn. Chaidh iad a-null air a' chrìoch agus ràinig iad Carlisle. An dèidh sin chùm iad orra gu Darbaidh agus cha do dh'èirich na Sasannaich nan aghaidh mar a bha dùil.Cha bu mhotha a thàinig an cuideachadh a chaidh a ghealltainn dhaibh às an Fraing. Bha arm Theàrlaich a-nis mu 130 mìle à Lunnainn agus chuir seo eagal air Rìgh Seòras agus muinntir a' bhaile.

[deasaich] Teicheadh air ais gu Alba

Ach bha Diùc Uilleam air ceithir feachdan dhen arm dhearg a chur ann an ceithir bailtean sònraichte airson na Seumasaich a chuartachadh. Thuig am Morair Seòras Moireach dè a bha nam beachd.Ghairm e comhairle-chogaidh agus chomhairlich e dhan Phrionnsa tilleadh gu tuath sa bhad. B' fheudar dhan Phrionnsa sin a dhèanamh.

Lean an arm aig Hanobhar iad gu tuath gus mu dheireadh choinnich an dà arm aig Cùil Lodair. B' ann sa bhlàr fhuilteach sin a thàinig crìoch air cùis nan Stiùbhartach.An dèidh a' bhlàir sin thòisich an sgrios. Bha airgead-cinn de £30,000 air Teàrlach ach cha bhrathadh na Gaidheil e. Air an fhicheadamh latha dhen t-Sultain, 1746, fhuair e air bòrd bàta Frangach agus cha do thill e air ais a dh'Alba tuilleadh.

[deasaich] A' Bheatha an dèidh Cuil Lodair

Bha dùil aige tilleadh agus bha dòchas aig mòran de na Gaidheil gun tilleadh e ach chaidh na bliadhnaichean seachad agus cha do thachair càil.Mu dheireadh chan fhaodadh Teàrlach fuireach anns an Fhraing fhèin. Chaill e a dhòchas, dh'fhàs e brònach agus dubhach; dh'atharraich a nàdar; cha robh mòran chàirdean aige air fhàgail; dh'fhàs e aost' agus nuair a bhàsaich e thàinig crìoch air an teaghlach rìoghail dom buineadh e. Chaill e a mhisneachd agus is beag an t-iongnadh.

Bhàsaich e anns an Ròimh, am baile san d' rugadh e air an latha mu dheireadh dhen gheamhradh 1788, gun chloinn a thogadh cùis a shinnsirean fhàgail na dhèidh. Ach dh'fhàg e ainm agus cliù nach tèid a dhìochuimhneachadh le Gaidheil airson iomadh linn.

[deasaich] Tarraing

  • Tha an aithris seo air a h-ath-sgrìobhadh bhon aithris a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean-leughaidh Blackie, leis a' Chomunn Ghaidhealach.
  • Air an tharraing bho: Larach-Lìn CNES

Static Wikipedia (no images)

aa - ab - af - ak - als - am - an - ang - ar - arc - as - ast - av - ay - az - ba - bar - bat_smg - bcl - be - be_x_old - bg - bh - bi - bm - bn - bo - bpy - br - bs - bug - bxr - ca - cbk_zam - cdo - ce - ceb - ch - cho - chr - chy - co - cr - crh - cs - csb - cu - cv - cy - da - de - diq - dsb - dv - dz - ee - el - eml - en - eo - es - et - eu - ext - fa - ff - fi - fiu_vro - fj - fo - fr - frp - fur - fy - ga - gan - gd - gl - glk - gn - got - gu - gv - ha - hak - haw - he - hi - hif - ho - hr - hsb - ht - hu - hy - hz - ia - id - ie - ig - ii - ik - ilo - io - is - it - iu - ja - jbo - jv - ka - kaa - kab - kg - ki - kj - kk - kl - km - kn - ko - kr - ks - ksh - ku - kv - kw - ky - la - lad - lb - lbe - lg - li - lij - lmo - ln - lo - lt - lv - map_bms - mdf - mg - mh - mi - mk - ml - mn - mo - mr - mt - mus - my - myv - mzn - na - nah - nap - nds - nds_nl - ne - new - ng - nl - nn - no - nov - nrm - nv - ny - oc - om - or - os - pa - pag - pam - pap - pdc - pi - pih - pl - pms - ps - pt - qu - quality - rm - rmy - rn - ro - roa_rup - roa_tara - ru - rw - sa - sah - sc - scn - sco - sd - se - sg - sh - si - simple - sk - sl - sm - sn - so - sr - srn - ss - st - stq - su - sv - sw - szl - ta - te - tet - tg - th - ti - tk - tl - tlh - tn - to - tpi - tr - ts - tt - tum - tw - ty - udm - ug - uk - ur - uz - ve - vec - vi - vls - vo - wa - war - wo - wuu - xal - xh - yi - yo - za - zea - zh - zh_classical - zh_min_nan - zh_yue - zu -

Static Wikipedia 2007 (no images)

aa - ab - af - ak - als - am - an - ang - ar - arc - as - ast - av - ay - az - ba - bar - bat_smg - bcl - be - be_x_old - bg - bh - bi - bm - bn - bo - bpy - br - bs - bug - bxr - ca - cbk_zam - cdo - ce - ceb - ch - cho - chr - chy - co - cr - crh - cs - csb - cu - cv - cy - da - de - diq - dsb - dv - dz - ee - el - eml - en - eo - es - et - eu - ext - fa - ff - fi - fiu_vro - fj - fo - fr - frp - fur - fy - ga - gan - gd - gl - glk - gn - got - gu - gv - ha - hak - haw - he - hi - hif - ho - hr - hsb - ht - hu - hy - hz - ia - id - ie - ig - ii - ik - ilo - io - is - it - iu - ja - jbo - jv - ka - kaa - kab - kg - ki - kj - kk - kl - km - kn - ko - kr - ks - ksh - ku - kv - kw - ky - la - lad - lb - lbe - lg - li - lij - lmo - ln - lo - lt - lv - map_bms - mdf - mg - mh - mi - mk - ml - mn - mo - mr - mt - mus - my - myv - mzn - na - nah - nap - nds - nds_nl - ne - new - ng - nl - nn - no - nov - nrm - nv - ny - oc - om - or - os - pa - pag - pam - pap - pdc - pi - pih - pl - pms - ps - pt - qu - quality - rm - rmy - rn - ro - roa_rup - roa_tara - ru - rw - sa - sah - sc - scn - sco - sd - se - sg - sh - si - simple - sk - sl - sm - sn - so - sr - srn - ss - st - stq - su - sv - sw - szl - ta - te - tet - tg - th - ti - tk - tl - tlh - tn - to - tpi - tr - ts - tt - tum - tw - ty - udm - ug - uk - ur - uz - ve - vec - vi - vls - vo - wa - war - wo - wuu - xal - xh - yi - yo - za - zea - zh - zh_classical - zh_min_nan - zh_yue - zu -

Static Wikipedia 2006 (no images)

aa - ab - af - ak - als - am - an - ang - ar - arc - as - ast - av - ay - az - ba - bar - bat_smg - bcl - be - be_x_old - bg - bh - bi - bm - bn - bo - bpy - br - bs - bug - bxr - ca - cbk_zam - cdo - ce - ceb - ch - cho - chr - chy - co - cr - crh - cs - csb - cu - cv - cy - da - de - diq - dsb - dv - dz - ee - el - eml - eo - es - et - eu - ext - fa - ff - fi - fiu_vro - fj - fo - fr - frp - fur - fy - ga - gan - gd - gl - glk - gn - got - gu - gv - ha - hak - haw - he - hi - hif - ho - hr - hsb - ht - hu - hy - hz - ia - id - ie - ig - ii - ik - ilo - io - is - it - iu - ja - jbo - jv - ka - kaa - kab - kg - ki - kj - kk - kl - km - kn - ko - kr - ks - ksh - ku - kv - kw - ky - la - lad - lb - lbe - lg - li - lij - lmo - ln - lo - lt - lv - map_bms - mdf - mg - mh - mi - mk - ml - mn - mo - mr - mt - mus - my - myv - mzn - na - nah - nap - nds - nds_nl - ne - new - ng - nl - nn - no - nov - nrm - nv - ny - oc - om - or - os - pa - pag - pam - pap - pdc - pi - pih - pl - pms - ps - pt - qu - quality - rm - rmy - rn - ro - roa_rup - roa_tara - ru - rw - sa - sah - sc - scn - sco - sd - se - sg - sh - si - simple - sk - sl - sm - sn - so - sr - srn - ss - st - stq - su - sv - sw - szl - ta - te - tet - tg - th - ti - tk - tl - tlh - tn - to - tpi - tr - ts - tt - tum - tw - ty - udm - ug - uk - ur - uz - ve - vec - vi - vls - vo - wa - war - wo - wuu - xal - xh - yi - yo - za - zea - zh - zh_classical - zh_min_nan - zh_yue - zu

Static Wikipedia February 2008 (no images)

aa - ab - af - ak - als - am - an - ang - ar - arc - as - ast - av - ay - az - ba - bar - bat_smg - bcl - be - be_x_old - bg - bh - bi - bm - bn - bo - bpy - br - bs - bug - bxr - ca - cbk_zam - cdo - ce - ceb - ch - cho - chr - chy - co - cr - crh - cs - csb - cu - cv - cy - da - de - diq - dsb - dv - dz - ee - el - eml - en - eo - es - et - eu - ext - fa - ff - fi - fiu_vro - fj - fo - fr - frp - fur - fy - ga - gan - gd - gl - glk - gn - got - gu - gv - ha - hak - haw - he - hi - hif - ho - hr - hsb - ht - hu - hy - hz - ia - id - ie - ig - ii - ik - ilo - io - is - it - iu - ja - jbo - jv - ka - kaa - kab - kg - ki - kj - kk - kl - km - kn - ko - kr - ks - ksh - ku - kv - kw - ky - la - lad - lb - lbe - lg - li - lij - lmo - ln - lo - lt - lv - map_bms - mdf - mg - mh - mi - mk - ml - mn - mo - mr - mt - mus - my - myv - mzn - na - nah - nap - nds - nds_nl - ne - new - ng - nl - nn - no - nov - nrm - nv - ny - oc - om - or - os - pa - pag - pam - pap - pdc - pi - pih - pl - pms - ps - pt - qu - quality - rm - rmy - rn - ro - roa_rup - roa_tara - ru - rw - sa - sah - sc - scn - sco - sd - se - sg - sh - si - simple - sk - sl - sm - sn - so - sr - srn - ss - st - stq - su - sv - sw - szl - ta - te - tet - tg - th - ti - tk - tl - tlh - tn - to - tpi - tr - ts - tt - tum - tw - ty - udm - ug - uk - ur - uz - ve - vec - vi - vls - vo - wa - war - wo - wuu - xal - xh - yi - yo - za - zea - zh - zh_classical - zh_min_nan - zh_yue - zu